On Sat, 21 Oct 2006 19:14:25 +0100, "D. Spencer Hines"
<***@hotmail.com> wrote:
<snipped unwanted foreign chitchat>
SEANN EACHDRAIDH LEÒDHAIS
le Iain N. MacLeoid
'S anns 's a' bhliadhna 1098, tha chiad iomradh againn air eilean
Leòdhais ann an eachdraidh, mar eadar-dhealaichte bho an h-Innse-Ghall
eile. 'S a' bhliadhna sin chiosnaich rìgh Manus á Lochlunn na
h-Eileanan an Iar cho buileach 's gu 'm bheil bàrd na cùirte rioghail
aig an àm ag ràdh "gu'n robh deatach an léir-sgrios a' ruigheachd na
nèamhan os cionn Ljódhhús."
'S e so an t-ainm Lochlunnach a bh' air Leòdhas aig an àm, agus tha 'n
t-Ollamh Macbheathain de 'n bheachd gu 'm bheil an t-aon chiall aig
Lódóse 's an t-Suain. Cha' n' eil luchd-mineachaidh ro-chòirdte
timchioll air brìgh an fhocail, agus mar sin 's co math dhuinn gun
deasbaireachd a dheanamh mu 'n chùis.
Tha beul-aithis Eirionnach ag ràdh gu 'n robh Conall Cearnach, sonn
treun à Ullaidh a' toigail cìse an Leòdhas 's a' bhliadhna h-aon, agus
na 'm biodh dearbhadh. cinnteach air sin 's iomadh linn a chuireadh e
ri aois eachdraidh an eilein.
Cha' n' eil teagamh nach ann á Eirinn a thainig na Gàidheil do na
h-Eileanan an Iar timchioll air an t-seathamh linn. 'N uair a thainig
na Ceilteich do dh' Alba ann an Aois an Iaruinn fhuair iad dà threubh
romhpa na Lubrachain agus treubh na h-umha. 'S e daoine beaga dubha le
cinn fhada bha 's na Lubrachain.
'S iad a thog na dùin sheòmrachail agus mullaichean cruinn orra, agus
faodaidh sinn a chreidsinn gur h-ann do Aois na Cloiche 'bhuineadh iad
a reir na sgile leis an do thog iad na seòmraichean sin. A stigh air
criochaibh na treibh sin thainig treubh na h-umha, daoine móra,
garbha, le aodainn fhada, cholgach, cinn mhóra chruinne agus failt
bàn.
Tha luchd-rannsachaidh a' deanamh a mach gur h-iad a thog na
Tursaichean ainmeil a th' aig Callanis agus àitean eile. Tha cuid de
'n bheachd gu 'm b' e teampuill no tighean-aoraidh a bha anns na
Tursaichean so, agus gu 'n robh na righrean treuna a thuiteadh 's a'
bhlàr air an tòrradh annta, agus iobairtean de gach seorsa air an
toirt suas mar onair dhoibh. Tha fhios againn gu 'n d' fhuaradh
cisteachan-cloiche iomadh uair aig na Tursaichean so, agus cnàmhan
ainmhidhean agus dhaoine a nochdadh gur dòcha gu 'n robh 'n treubh
borb ud, ag iòbradh eadhon an gineal airson sàsachaidh a thoirt do
agartasan an diathan.
Cha do dh' fhàg na Lochlunnaich móran de eachdraidh sgriobhte as an
déidh. Cha b' ann air sgriobhadh an eachdraidh a bha 'n aire ach air
mortadh agus marbhadh agus togail cheach, ach a dh' aindeoin sin uile
dh' fhàg iad an làrach anns gach ceum de 'n eilean anns an d' imich
iad, oir 's gann gu 'm bheil cnoc, abhuinn, òb no caol an Eilean an
Fhraoich nach do bhaist iad 'n an cànain mu 'n d' fhàg iad. Tha
ceithir ainmean Lochlunnach an Leòdhas mu choinneamh gach ainm
Gàidhealach no Ceilteach a th' ann. Tha cuid eadhon a' deanamh a mach
gur h-ann an déidh ionnsaidh nan Lochlunnach a dh' eirich am beagan
ainmean Gàidhlig a th' ann, agus le sin tha e coltach, nach mór nach
do sguabadh gu buileach na Ceiltich á Leòdhas tràth 's an naodhamh
linn.
'S ann a thogail chreach a thainig na Lochlunnaich an toiseach do na
h-Eileanan an Iar, ach 'n uair a bha 'n gnothuch a' còrdadh riutha cho
math bha sgaoth a' fuireach bliadhna 'n déidh bliadhna.
Mu dheireadh an deicheamh linn tha iomradh againn air Maccus no
Macharailt a' chiad rìgh a chuir na Lochlunnaich os cionn nan Eileanan
an Iar, a bha uile fo 'n spòig bho Arcamh a dh' ionasuidh an Eilean
Mhanainneich. Tha sin a' sealltuinn dhuinn cho mór agus cho
éifeachdach 's a bha cumhachd nan Lochlunnach air na h-Eileanan sin.
An déidh bhàis an rìgh sin, chuir rìgh Lochluinn uachdar, an thairis
air na h-Eileanan, ach mharbhadh an Leòdhas e am feadh 's a bha e
togail chreach an sin. 'S ann an uair sin a rinn rìgh Manus suas
inntinn nach fhàgadh e tigh tioram gun chiosnachadh 's na h-Eileanan
an Iar. Thainig e le cabhlach threun 's a' bhliadhna 1098, agus rinn e
sgrios iomlan air Leòdhas, Uidhist, an t-Eilean Sgiathanach, Tiriodh,
Muile agus Ile, ach choinnich a nàmhaid fhéin ri Manus an Eirinn, agus
mharbhadh e.
Cha do dh' eirich cumhachd nan Lochlunnach na b' àirde na sin, ged
nach do dh' fhàg iad na h-Eileanan gus am b' éigin dhoibh an déidh
blàir na Leargaidh Ghallda 's a' bhliadhna 1263. Rinn leir-sgrios
Mhanuis làrach mór air cridheachan nan eileanach fad iomadh bliadhna.
Rachadh iad anns an fhaochaig na 'n cluinneadh iad eadhon 'ainm.
Tha cuid de bhàrdachd Oisein a' luaidh air a' churaidh sin, agus tha
'm far-ainm a bh' air "Manus a' ghlùin-rùisgte" a nochadh gu 'n robh e
cleachdadh an fhèilidh agus a' bhreacain, 's dòcha mar chuimhneachan
orra-san a chuir e gu bàs.
Chaidh cùisean air aghaidh mar sin gu carraideach - rìgh an déidh rìgh
a' tighinn thairis à Lochlunn, agus a togail leis gach ni nach robh
ro-thròm no ro-theith. agus a' fagail fhàrdaichean 'n gual 'n a
dhéidh. Rinn Alasdair a Trì, rìgh Alba, suas inntinn gu 'n cuireadh
esan stad air brùidealachd nan Lochlunnach, agus gu 'n ciosnaicheadh e
na h-Eileanan an Iar dha fhéin.
'S a bhliadhna 1263, chuir e tairgse-còmhraig gu Haco rìgh Lochluinn,
bha Haco ro-dheònach, agus ann a' mios no dhà thainig e le trì chiad
bìrlinn agus dh' acraich e faisg air an Leargaidh Ghallda.
Tha fhios againn uile mar thachair, rinn stoirmean agus doinninn na
Lùnasdail an gnothuch air cabhlach Haco, bhriseadh iad 'n am mìle clàr
air cladaichean a' Chuain an Iar, thug e fhéin suas an deò 'n ath
bhliadha, agus cheannaich rìgh Alasdair na h-Eileanan an Iar bho làimh
Lochluinn 's a' bhliadhna 1266, an déidh dhoibh a bhi fo 'n cìs fad
chóig ciad bliadhna.
Cha 'n e mhàin gu 'n do dh' fhàg na Lochlunnaich an làrach air ainmean
nan àitheachan an Leòdhas, ach dh' fhàg iad an sliochd 'n an déidh
cuideachd. Tha 'n t-Ollamh Beddoes, a rinn móran rannsachaidh air
freumh gach tréibh ag ràdh mar so:
"Coinnichidh tri seorsachan dhaoine ruinn an Leòdhas. Tha na
Lochlunnaich ann, daoine móra, foghainteach, fínealta, le falt
buidhe-bhàn agus sùilean gorma. Tha muinntir Nis gu léir de'n treubh
so.
"Tha daoine beaga tiugh ann, le srón chutach, falt dubh, agus air
uairibh sùilean dubha, agus tha 'n àite-còmhnuidh am Barabhas, agus
aig an treas seorsa tha pearsachan calma, gun a bhi ro àrd, aodann
fada, mórchnàmhach, sròn fhada charach bhiorach, sùilean liatha agus
falt dubh. 'S e mo bheachd gur h-e siol nan Lochlunnach a tha fhathast
timchioll Steòrnabhaigh ged a bhàthadh an cànain leis a' Ghàidhlig bho
chionn iomadh ann".
Tha sinn de 'n bheachd gu 'n deanadh cùnntas an Ollaimh so mu
threubhan Leòdhais an gnothuch glé mhath airson aoin sam bith de na
h-Eileanan an Iar, ged is dòcha nach 'eil an aon uibhir de fhuil nan
Lochlunnach 's gach aon diubh.
'N uair a rinn righrean Albainn agus Lochluinn an cùmhnant ceannaich
airson na h-Eileanan an Iar, thugadh a dha roghainn do gach
Lochlunnach a bha ann an seilbh air còir sam bith 's na h-Elleanan an
uair sinn - dh' fhaodadh e dol dhachaidh gu Lochlunn, agus a chuid
uile 'thoirt leis, air neo fuireach far an robh e agus tighinn gu
sìtheil fo riaghladh Rìgh Alasdair, le maitheanas saor airson
ar-a-mach sam bith a rinn e roimhe sin.
Thugadh Leòdhas agus an t-Eilean Sgiathanach do Uilleam, Iarla Rois a
Dhà, agus chum esan iad fo chìs do Rìgh Alba.
Bha Eilean Leòdhais ré chiad gu leth bliadhna 'na dhéidh sin fo
riaghlidh Iarlan Rois. Cha 'n fhaic sinn a' bheag sam bith ann an
eachdraidh timchioll air na bliadhnaibh sin. Bha Ghàidhlig a'
buadhachadh gach bliadhna, bha 'n eaglais a nis Ceilteach, agus thug
sin adhartas nach bu bheag do 'n chànain.
Bha Iarlan Rois glé chumhachdach. Bha 'n daingneach laidir ann am
Baile-dhuthaich 's bha móran iochdaran aca, mar bha clann 'Icleoid
Leòdhais 's na h-Earradh, a bha 'n ùghdarras air Asaint bho Thuath
agus Glinn-eilge.
An déidh sin 'n uair a bha Tighearnais Leòdhais ag atharrachadh bho
Chlann an t-Sagairt gu Clann Dhomhnuill, Stiubhartaich, Clann an
Fhleisdeir, agus a ris gu Clann Dhomhnuill, b' e Clann 'Icleoid a bha
'n an cinn-cinnidh air an Eilean. Faodaidh sinn eadhon a ràdh gur
h-ann an Leòdhas a chinnich Clann 'Icleoid. Tha móran de 'n bbeachd
gur h-ann á Lochlunn a thainig iad an toiseach.
Tha'n eachdraidh chumanta aca 'g ràdh gu 'n d' thainig an cinneadh bho
dhithis bhràthrean, Torcull agus Tormod, Clann Leoid, a bha beò 's an
treas linn diag. B' e Leod so mac Olaibh Dhuibh rìgh an Eilein
Mhanainneich agus nan Eileanan eile, a phòs Nicrailt Armuinn leis an
d'fhuair a Dùnbheagain mar thochradh, far am bheil ceann-cinnidh
Chloinn 'Icleoid aig an latha 'n diugh.
Bha Leod 'n a uachdaran air Leòdhas agus air an Eilean Sgiathanach,
agus 'n uair a chaochail e roinneadh 'oighreachd eadar a dhithis mhac.
Fhuair Torcull Leòdhas, agus Tormod an t-Eilean Sgiathanach agus mar
sin 's e clann an dithis bhràithrean a tha 'n Clann 'Icleoid Leòdhais,
siol Thorcuill, agus Clann 'Icleoid an Eilein Sgiathanaich, siol
Thormoid.
Fhuair Ruairidh Macleoid Eilean Leòdhais 'n a làmhan fhéin an uair a
thainig cumhachd Tighearna nan Eileanan gu neo-ni, agus bha
'theaghlach a' riaghladh an eilein ciad bliadhna. An deireadh a latha
bha e ann an sith ris an righ, oir tha cunntas againn an eachdraidh,
gu 'n chuir e làmh ri cùmhnant a thug an rìgh do Iarla
Earra-ghàidheil.
An uair a chaochail e, ghabh a mhac Torcull 'àite, agus anns a'
bhliadhna sin fhéin fhuair e 'n a bhàillidh air Tròtairnis agus
Dùnthuilm 's an Eilean Sgiathanach. Phòs e nighean Iarla
Earra-ghàidheil agus mar sin rinn e taobh mór ri Domhnull Dubh, mac
peathar na mnà aige, agus oighre Tighearna nan Eileanan.
Bha Domhnull Dubh 'n a phriosanach fad a bheatha gus an dotheich e do
Leòdhas 's a' bhliadhna l5Ol. Cbaidh priomh-chinnidhean nan eilean fo
bhratach Dhomhnuill, agus thòisich an cogadh mar b' àbhaist. Rinn na
naimhdean ionnsaidh air caisteal Steòrnabhaigh 's a' bhliadhna 1506,
agus ghabh iad sealbh air, agus cha 'n fhaic sinn an còrr mu Thorcull
an eachdraidh.
Fhuair a bhràthair Calum, cùmhnant sgriobhte air Leòdhas cóig bliadhna
'n déidh sin, leis an d' aisigeadh dha, cha 'n a mhàin Leòdhas, ach
Bhatairnis, Asaint bho Thuath, agus a' Choigeach, le caisteal
Steòrnabhaigh mar phriomh-lùchairt.
Tha ùghdarras Chloinn 'Icleoid air Leòdhas a nise tighinn gu crich,
agus mar a ghabhas e creidsinn, cha b' ann gun mhort no gun mhilleadh
a leig iad às an gréim.
Phòs Ruairidh Macleoid, Triath Leòdhais, Seonaid. nighean Iain
Mhicchoinnich, Chinntàile. B' e Torcull Con nach a mhac 'oighre, ach
tha e coltach nach robh e gabhail ris mar oighre dligheach, agus mar
sin rinn e oighre do Thorcull Dubh, mac an treas mnà, nighean Mhic
'Illeathain Dhubbairt. Thòisich an sin cogadh agus aimhreit eadar
Torcull Conanach agus Torcull Dubh, agus fad iomadh bliadhna bha
Leòdhas ann an staid bhrònach agus bhuaireasach.
'S a' bhliadhna 1568, ghlacadh Ruairidh le Torcull Conanach, agus rinn
e priosanach dheth ré cheithir bliadhna, Thug a sin e air beulaobh
comhairle na rioghachd, agus thug e air gu 'n gheall e gu 'n deanadh e
oighre dheth. Rinn Ruairidh sin ach tharruing e air ais a ris a chionn
gu 'm b' ann bho phéin a' bhàis a thugadh air a dheanamh. Ma bha
teaghlach riamh roinnte 'n an aghaidh fhéin b' e sud iad.
Bha cóignear ghillean aig Ruairidh Macleoid. Bha triuir dhiubh air
taobh an athar, agus lean dithis dhiubh ri 'n leth bhràthair, Torcull
Conanach. B' e Niall Macleoid a' fear bu chumhachdaiche dhiubh so. Bha
esan an toiseach le 'athair, ach an déidh làimhe thaobh e ri Torcull
Dubh, agus mur biodh treubhantas Neill tha sinn a' creidsinn nach robh
e comasach do' Thorcull sealbh a chumail air Leòdhas cho fada.
Chaidh Torcull Conanach do 'n Choigeich, agus shuidhich e e fhéin 'n a
uachdaran air sin, air dha cuideachadh fhaighinn bho Chloinn
Mhicchoinnich, Chinntàile. Timchioll air a' bhliadhna 1595, thug
Torcull Dubh ionnsaidh air a bhràthair, an Conanach ann an
Strath-choigeach, agus cha d' fhàg e mart no each, duine no bean no
leanabh, aig Clann 'Icchoinnich Lochbhraoin nach do mharbh e.
Airson an ar-a-mach so, bha'n tòir air Torcull Dubh, agus air do
bhràthair gréim fhaighinn air, chuir e gu bàs e fhéin agus a
luchd-leanmhuinn, 's a' bhliadhna 1597. Bha mhac Torcull, le
cuideachadh Neill, 'n a uachdaran air Leòdhas an déidh sin.
Aig an àm so, chaochail dithis mhac Thorcuill Chonanaich. B' e a
nighean mar sin a b' oighre. Phòs ise bràthair Mhicchoinnich,
Tighearna Chinntàile, agus le sin thug an Conanach suas gach còir a
bh' aige 'n Leòdhas do Thriath Chinntàile. 'S ann air an dòigh sin a
fhuair Clann Mhicchoinnich còir air Leòdhas, ged nach do chuir iad an
còir an cleachdadh gus a' bhliadhna 1610.
'S a' bhliadhna 1596, thainig òrdugh bho 'n Chrùn gu 'm feumadh gach
ceann-cinnidh Gàidhealach an còir dhligheach air an oighreachdan
thoirt am follais don Rìgh, air neo gu 'n d' thoirte uatha iad. Cha d'
rinn Clann 'Icleoid Leòdhais so, agus mar sin-thugadh an t-eilean
uatha, agus thugadh e do na Fiofaich.
Thug na h-uachdarain ùra so ionnsaidh gharbh air an eilean, agus fad
iomadh bliadhna chath iad fhéin agus na Leodaich gu cruaidh, agus bha
brùidealachd thar tomhais 'g a dheanamh air duine agus ainmhidh. Chuir
Niall Macleoid 'n an aghaidh, agus a dh' aindeoin gach ionnsaidh
chumhachdaich a rinneadh air, cha d' thug e suas a dhaingneach. Bha
Triath Chinntàile cuideachd a' cath an aghaidh nam Fiofach, a chionn
gu 'n robh shùil fhéin air an eilean.
Mu dheireadh thall, 'n uair nach robh 'chùis a' dol leis na Fiofaich
cho math 's bu mhath leotha, ghabh iad blas a' chrogain do Leòdhas,
agus bha iad glé thoilichte 'n còir air an eilean a' reic do
Mhacchoinnich, Triath Chinntàile, agus mar sin 's a' bhliadhna 1610,
chaidh an Ridire Ruairidh Macchoinnich, bràthair Triath Chinntàile do
Leòdhas le arm cumhachdach.
Bha móran de threun-fhir nan Leodach air a mort 's a' chath roimhe so,
agus mar sin cha robh iad ach lag fann airson coinneachadh ris na
Sàileich chumhachdach, ach bha ar caraid Niall Macleoid cho treun 's a
bha e riamh, agus rinn e suas inntinn nach leigeadh e as a ghréim air
Leòdhas fhads' a bhiodh an t-anam ann.
'N uair a dh' fhairtlich gach gnothuch air, rinn e a dhaingneach
làidir an eilean Bhearnaraidh, far an do chuir e cruinn stòras mór de
bhiadh agus de dheoch, agus fad thri bliadhna thug e dùbhlan do
chloinn Mhicchoinnich.
Mu dheireadh thad ghoid Ruairidh Chinntàile móran de na mnathan agus
de 'n cloinn a bh' aig Niall am Bearnmaraidh, agus chuir e iad aig
muir tràigh air eilean Bheireiseidh agus bhòidich e gu 'm fàgadh e an
sin iad gus am bàite iad mur géilleadh Niall agus a chuideachd. airson
beatha nam mnathan agus na cloinne shàbhaladh ghéill Niall, agus leis
a' gheilleadh sin thug Clann 'Icleoid suas an còir. gu bràth air
eilean Leòdhais.
Fhuair Niall Macleoid a shaorsa, agus ghabh e fasgadh aig an Ridire
Ruairidh Macleoid, Dhunbheagain, Dh' fhiach Ruairidh ri thoirt an
làthair an rìgh airson maitheanais fhaotainn, ach air a shlighe gu
Sasuinn, fhuaradh a mach gu 'n robh Niall 'n a chuideachd agus
ghlacadh e, airson a thoirt suas do 'n Chrùn. Chrochadh Niall treun am
baile Dhuneideann 's a' bhliadhna 1613. Cha robh aon de'n chinneadh an
Leòdhas riamh a bu treuna, 's a bu dìlse na Niall còir agus tha deagh
chuimhne air an Leòdhas fhathast.
'S e linn charraideach, bhuaireasach fhuileachdach a bha 's na ciad
bliadhna air an robh sinn a' bruidheann. Bha na Leodaich a' cogadh an
aghaidh an naimhdean, agus timchioll an teallaichean fhéin cha robh
sìth no sonas a' riaghladh. 'N uair a ghabh Clann Mhicchoinnich
Chinntàile sealbh air Leòdhas 's a' bhliadhna 1610, fhuair iad gu 'n
robh spiorad agus cumhachd an t-soisgeil marbh.
Chuir iad mar sin 's a' bhliadhna sin fhéin an t-Urr. Fearchar
Macrath, do Leòdhas, airson searmonachaidh an t-soisgeil. Tha e
coltach gu 'm b' e duine iomchuidh a bha so, agus fo theagasg thainig
an t-eilean air aghaidh ann an eolas an Sgriobtuir.
Ged a chaidh Clann 'Icleoid Leòdhais a chur fo chìs le Macchoinnich
Shi-phort, bha iad 'n an sgolb 's an fheoil dha fad iomadh bliadhna.
Gach uair a rachadh airm a' Chrùin do Leòdhas, bhitheadh Clann
'Icleoid a' dol fo 'm bratach an aghaidh Shi-phort, agus bha so a'
cumail suas spiorad na ceannairc a' meagg nan eileanach.
Bha Iarla Shi-phort dìleas do chùis Thearlaich a Dhà an còmhnuidh,
agus cheannaich a chuid fearainn agus a shluagh air sin. Chan 'eil
móran sam bith an eachdraidh mu chùisean Leòdhais bho 1644 gu 1660,
ach tha 'n cùnntas beag a leanas air a thoirt dhuinn leis an Ollamh
Macbheathain, agus tha e coltach gur h-ann an seann leabhar-latha dh'
fhàg neach eigin a fhuair e fhéin e.
"Air an deicheamh latha de 'n Lunasdail 1653, ghabh Còirneal Cobbet le
arm Chromwell, sealbh air an tairbeart (peninsula) air am bheil baile
Steòrnabhaigh air a thogail an diugh, agus air do gach inneal airm a
bha 's an àite bhi air an toirt suas dha, dhaingnich e 'n rudha, agus
dh' fhàg e Maidsear Crispe 'n a uachdaran air Leòdhas le ceithir
reiseamaidean shaighdeirean, dà ghunna-mhór agus ceithir
chroinn-tabhaill.
Air an là mu dheireadh de 'n Fhaoilteach 1654, chuireadh sgeul neònach
do Dhuneideann, gu 'n d' thug Shi-phort le ceithir chiad diag fear,
ionnsaidh air daingneach Steòrnabhaigh agus gun do ghlac e am baile.
Ach air a' cheathramh latha diag de 'n Ghearran 1654, chaidh an sgeul
a dhaingneachadh mar so.
Chaidh Tormod Macleoid air tìr aig Loch Seil, an Leòdhas, le cóig ciad
saighdear, agus air dha bhi am feall - fholach ré cheithir là, an
àit'-éigin, thainig e as am faireachadh air ar saighdeirean a bha air
taobh a muigh na daingnich an Steòrnabhagh, agus mharbh e dusan
dhiubh: chuir reiseamaid a bha 's an daingneach ruaig orra so, thug
iad cobhair do chàch, chuir iad am, biodh do 'n daingneach agus loisg
iad na tighean.
Aig deireadh a' Mhàrt thainig naidheachd gu Dailché gu 'n do mharbh na
saighdeirean a bha 's an daingneach an dream a lean bratach Shi-phort,
chath na Leodaich air aobh an airm againne, agus rinn na sgaraidhean
sin móran dolaidh anns na criochaibh."
Sin ann am beagan bhriathran, neo-iomlan agus cearbach cunntas goirid
air cuid de sheann eachdraidh eilein Leòdhais. 'N uair a smaoinicheas
sinn air cor buaireasach an eilein an uair ud - cor a bha fior mu na
Ghàidhealtachd air fad aig an àm, bu chòir dhuinn a bhi taingeil do 'n
Fhreasdal gu bheil ar beatha-ne ann an linn as sitheile agus as
soirbheachaile.
'S anns 's a' bhliadhna 1098, tha chiad iomradh againn air Eilean
Leòdhais ann an eachdraidh, mar eadar-dhealaichte bho an h-Innse-Ghall
eile.
The Highlander
Faodaidh nach ionann na beachdan anns
an post seo agus beachdan a' Ghàidheil.
The views expressed in this post are
not necessarily those of The Highlander.